Vous êtes sur la page 1sur 1

Cùmhnant na Colaiste

Tha sinn pròiseil às ar cànan agus pròiseil às ar colaiste, Sabhal Mòr Ostaig. Ag obair ri chèile,
nì sinne, oileanaich Shabhal Mòr Ostaig, coimhearsnachd Ghàidhlig làn misneachd agus dòchais
a bheir piseach air ar cànan agus a choisinneas cliù agus deagh rùn dar colaiste. Tha còir againn
air sùileachadh ri àrainneachd Ghàidhlig an seo aig Sabhal Mòr Ostaig.

1. Bruidhnidh mi a’ Ghàidhlig a h-uile cothrom a gheibh mi air àrainn phoblach na Colaiste:


anns an t-seòmar-bhìdh, anns na seòmraichean cumanta, anns an Talla Mhòr agus anns a h-
uile àite eile.

2. Bruidhnidh mi a’ Ghàidhlig ris a h-uile duine aig a' Cholaiste. Ma tha a’ Ghàidhlig aca,
leanaidh mi orm anns a’ Ghàidhlig, fiù 's ma fhreagras iad anns a’ Bheurla mi. Bruidhnidh
mi a’ Ghàidhlig ris a h-uile duine aig a bheil i, fiù 's ma bha mi cleachdte ri a bhith a'
bruidhinn na Beurla riutha roimhe.

3. Bheir mi misneachd dha na h-oileanaich agus dhan luchd-obrach a tha ag ionnsachadh na


Gàidhlig le a bhith a' bruidhinn gu slaodach soilleir agus gam mhìneachadh fhìn anns a'
Ghàidhlig mura tuig iad mi.

4. Nuair a bhruidhneas cuideigin a’ Ghàidhlig riumsa, bidh mi taiceil agus bheir mi


brosnachadh agus misneachd dhaibh le a bhith gam freagairt anns a’ Ghàidhlig.

5. Air taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg, cha ghabh mi orm fhìn a bhith a' ceartachadh
Gàidhlig cuideigin eile, ach ma dh'iarras iad sin orm.

Làmh an Oileanaich Latha

Làmh a' Chomhairliche Latha

Gheibh an t-oileanach an cùmhnant seo, a' chiad uair, mus tig iad dhan Cholaiste, an dàrna cuid anns na h-
agallamhan aca agus anns a' phasgan de phàipearan a thèid a-mach san Lùnastal. Gheibh an t-oileanach leth-bhreac
eile anns an t-seisean-inntrigidh, an dùil gun tèid an t-oileanach thairis air leis a' chomhairliche aice/aige agus gun
cuir iad an ainm ris aig an àm sin. Cuiridh an t-oileanach agus an comhairliche an ainm ri dà leth-bhreac. Cuiridh
an comhairliche an dàrna leth-bhreac gu Rùnaire an Fhoghlaim agus cumaidh an t-oileanach an leth-bhreac eile.

Vous aimerez peut-être aussi